Samhain - Halloween
Bithear air mothachadh gu bheil nam bùthan làn ghnothaichean airson Oidhche Shamhna a chomharrachadh - pumpcainean, adaichean biorach dubh, agus siùcairean gu leòr.
‘S dòcha gu bheil thu den bheachd gur e dìreach fasan às na Stàitean Aonaichte a th’ ann. Ged-tà, tha freumhan Oidhche Shamhna rin lorg ann an cleachdadh gu math aosta agus gu math Ceilteach: am fèill-teine, Samhain.
Bha Samhain a’ comharrachadh an deireadh-buana: deireadh bliadhna agus toiseach bliadhna ùr. Ann an seadh, bha e a’ dèanamh fèill ris an dorchadas. Cha b’e idir gun robhar a’ brosnachadh olc no dorchadas spioradail - ach a’ toirt taing airson an fhois a tha nàdar a’ faighinn tron a’ gheamhradh. Thuigeadh ar sìnnsirean rud nach tuig sinne cho math: tha sìol a’ fàs anns an dorchadas, air falach bho shùilean dhaoine. Tha an aon rud fìor mu thimcheall nàdar san fharsaingeachd. Mar sin, cha robhar ag amhairc air dorchadas mar ni a bha a’ comharrachadh bàs, ach rud a bha a’ brosnachadh fàs.
A bheil cuimhne agaibh air pàrtaidhean Oidhche Shamhna nuair a bha sibh fhèin òg? Bhiodh bolaichean làn chnothan ann, agus mias le bùrn agus ùbhlan. Bhuineadh iad seo do na làithean a dh’ fhalbh, nuair a bha Samhain a’ comharrachadh deireadh-buana. Agus, dheidheadh an cleachdadh ann am frìth agus fàidhdearachd.
Ma tha thu ag iarraidh faighinn a-mach dè mar a thèid dhut fhèin agus do chèile (no cupall eile!), tagh dà chnò agus cuir dhan teine iad. Innsidh an dol a-mach aca san teine a h-uile càil a tha thu ag iarraidh a thomhais. No, faic cò tha thu dol a phòsadh le bhith a’ sadail rùsg ùbhail tarsainn air do ghualain. Tha còir aige laighe ann an cumadh ciad litir ainm an duine.
Dè mu dheidhinn taibhsean agus droch spioradan, ged-tà? Bha iad gun teagamh bunaiteach do dh’Oidhche Shamhna. Chruthaicheadh deireadh-bliadhna beàrn ann an leantainneachd thìm - beàrn a chleachdadh creutairean os-nàdarrach agus droch spioradan mar geata dhan t-saoghal seo. Mar sin, bhathar a’ creidsinn gum b’ urrainn dha na mairbh tilleadh gus iad fhèin a bhlàthachadh aig cagailtean nam beò. ‘S e duine glic, a-rèist, a dh’ ionnsaich e fhèin a dhìon san t-suidheachadh seo.
‘S e a’ chiad cheum fios a bhith agad dè dhèanadh tu - agus bha stóras gliocais aig ar sìnnsearan an dàimh ri seo, gliocas a chaidh às ar cuimhne thar nam bliadhnaichean.
An seo aig Colaisde a’ Chaisteil, tha sinn a’ tabhainn chùrsaichean a dh’ ath-bheothaicheas ar n’ eòlais a thaobh dualchas agus cultar, cho math ri cànan. Tha sinn den bheachd gu bheil e cudromach nach caill sinn am beairteas seo.
Tha cùrsaichean againn a shàsaicheas a h-uile duine, eadar daoine aig a bheil ùidh ann an cùrsaichean goirid ainmean-àite no beul-aithris, feadhainn a tha airson Gàidhlig ionnsachadh tro Ulpan air-loidhne, no duine sam bith a tha ag iarraidh aon de na cùrsaichean ceum no CPD a dhèanamh.
Find out more about our Gaelic courses
Search our Gaelic short courses
Our courses are supported by Bòrd na Gàidhlig.