Bho Uibhist a Deas gu Astràilia: UHI ag ainmeachadh alumni na bliadhna
Tha ceumnaiche ciùil à Uibhist a Deas agus ceumnaiche eachdraidh à Astràilia air an ainmeachadh mar bhuannaichean dhuais alumni na bliadhna UHI airson 2023.
Bidh na duaisean bliadhnail seo ag aithneachadh agus a’ comharrachadh euchdan air leth alumni UHI, gu h-àraidh a thaobh soirbheachas proifeiseanta, com-pàirteachadh sa choimhearsnachd agus dealas airson UHI.
Thogadh Chloe Steele ann an Uibhist a Deas, agus chuir i crìoch air BA (le Urram) UHI ann an ceòl gnìomhaichte ann an 2020 aig UHI Innse Gall (no UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall a-nis). ’S e seinneadair Gàidhlig is pìobaire a th’ innte agus bidh e a’ còrdadh rithe a bhith a’ cur phròiseactan coimhearsnachd air dòigh. 'S e clàr de cheòl is òrain Ghàidhlig a th' anns an iomairt as ùire aice, is prothaid bhuaithe ga toirt seachad do charthannas. O chionn ghoirid chuir i crìoch air PGDE UHI ann am foghlam bun-sgoile (Gàidhlig) agus tha i air tòiseachadh air a’ bhliadhna probhaidh aice ann an Sgoil Uibhist a Tuath.
Chaidh Chloe ainmeachadh le Anna-Wendy Stevenson, stiùiriche a’ phrògraim airson BA UHI ann an ceòl gnìomhaichte. Thuirt ise: “Rugadh agus thogadh Chloe ann an Uibhist a Deas, agus is i a’ chiad neach às na h-Eileanan an Iar a cheumnaich leis an làn-cheum le urram ann an ceòl gnìomhaichte, ag ionnsachadh bhon dachaigh. Tha i dealasach mun choimhearsnachd aice agus tha seo ri fhaicinn gu soilleir sa phròiseact as ùire aice - clàr de dh’òrain is ceòl Gàidhlig air a mhaoineachadh tro urrasachd bho ghnothachas. Chaidh an t-albam a chlàradh aig Ionad Chnoc Soilleir agus tha e a’ taisbeanadh buill den choimhearsnachd. Thèid a chur air bhog san t-Samhain, is prothaid bhuaithe ga toirt seachad do Western Isles Cancer Care mar chuimhneachan air athair nach maireann a caidrich. Tha Chloe na h-eisimpleir air leth den ruigsinneachd, an luach, an deachdadh agus a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith ri am faotainn tro ionnsachadh le UHI.”
Agus i a’ bruidhinn air an duais aice, thuirt Chloe: “Is e fìor thlachd is onair a th’ ann an obair chruaidh agam agus an dìorras is an dealas a th’ agam airson mo chultair agus mo choimhearsnachd a bhith air an aithneachadh tron duais seo. Tha mi an dòchas gum bi an fheadhainn a leughas mo sgeulachd air am brosnachadh gus ceangal a dhèanamh ris na freumhan cultarach aca fhèin. Chaidh atharrachadh a thoirt air mo bheatha leis na cothroman a fhuair mi tro bhith ag ionnsachadh aig UHI. Tha iad air cothrom a thoirt dhomh meas agus luach a chur air mo chultar aig ìre phearsanta, dhomhainn agus brìoghmhor. Tha seo air mo chuideachadh le bhith a’ dèanamh mo shlighe agus a’ cumadh an neach a th’ annam an-diugh.”
Rinn an t-Oll Graham Hannaford, seirbheiseach catharra air chluaineas, MLitt UHI ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bhon dachaigh aige ann an Astràilia bho 2011 gu 2015. Chaidh e air adhart an dèidh sin gus PhD a choileanadh le Federation University. Is esan Rùnaire Urramach Chomann Sydney airson Eachdraidh na h-Alba agus chaidh a thaghadh mar Chomhaltach de Chomann Àrsairean na h-Alba ann an 2023. Tha e a’ fuireach ann an Canberra còmhla ri a bhean, is tha aon mhac agus dithis bhan-oghaichean aige.
Chaidh Graham ainmeachadh leis an Àrd-Ollamh David Worthington, Ceannard Ionad Eachdraidh UHI. Mhìnich an t-Àrd-Ollamh Worthington: “Bha Graham air aon de na ciad oileanaich air an MLitt againn ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean nuair a chaidh a chur air bhog ann an 2011. Agus e aig an àm sin beagan a bharrachd is 60 bliadhna a dh’aois, rinn e a chuid ionnsachaidh air fad air-loidhne bhon dachaigh aige ann an Astràilia. Chaidh e air adhart gus an ceum a chrìochnachadh ann an 2015, agus e a’ faighinn caochladh chomharran aig ìre àrd-urraim.
“Bho cheumnaich e, is mòr an taic a thug Graham don Ionad Eachdraidh, agus e a’ sgaoileadh bhileagan is a’ sgrìobhadh mu na ceuman againn ann am foillseachaidhean leithid chuairt-litrichean nan comann fine. Tha ceanglaichean làidir aige rinn fhathast agus bha e a’ tadhal oirnn ann an Dòrnach dà uair. Tha sinn ga mholadh airson na duaise seo mar thoradh air an taic fhada seo agus airson ar cuideachadh le ceanglaichean ri beatha choimhearsnachd nan eilthireach Albannach ann an Astràilia.”
Thuirt Graham fhèin: “Mar oileanach a tha air ionnsachadh air-loidhne agus air astar mòr, tha e na thogail-inntinn dhomh gu bheil an duais seo ag aithneachadh ruigsinneachd chruinneil UHI agus, gu sònraichte, oidhirpean an Ionaid Eachdraidh a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri coimhearsnachd nach eil idir air a cuibhreachadh le crìochan cruinn-eòlasach. Aig ìre phearsanta, tha mi a’ faicinn na duaise mar rud a leigeas fhaicinn nach eil aois a’ cur bacadh sam bith air ionnsachadh agus coileanadh acadaimigeach (tha mi 75) agus tha mi an dòchas gun toir e brosnachadh do dh’oileanaich agus alumni de gach aois cumail orra ag obair a dh’ionnsaigh an amasan fhèin.”
Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche Leasachaidh agus Com-pàirt Alumni UHI: “Tha sinn air leth toilichte gun deach Chloe agus Graham a thaghadh mar alumni na bliadhna. Is e rud baibheil a th’ ann a bhith a’ faicinn dìorras agus dealas Chloe airson ceòl traidiseanta agus na coimhearsnachd aice. Tha a h-obair air an albam as ùire aice, far a bheil i a’ toirt seachad prothaid do charthannas ionadail, ri a moladh. Thathas a’ cur luach mòr air taic leantainneach Graham don Ionad Eachdraidh agus do dh’obair gus UHI a cheangal ri coimhearsnachd eilthireach na h-Alba agus tha i airidh air cliù. Tha am panail den bheachd gu bheil iad le chèile nam buannaichean airidh agus gum bi na h-euchdan agus na buaidhean mìorbhaileach aca nam brosnachadh do dh’oileanaich is alumni eile.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh aig UHI, tadhlaibh air www.uhi.ac.uk/courses