Sgiobaidhean iomaine UHI a’ soirbheachadh a-rithist!

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) agus Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA) a’ dèanamh gàirdeachas ri sàr euchd eile aig Farpais chliùiteach Littlejohn and McHue and Porter air Diciadain 12 Màrt, a chaidh a dhèanamh comasach tro urrasachd fhialaidh bho Kishorn Port Earr.

see full size image
Sgiobaidhean iomaine fhir agus bhoireannaich UHI nan seasamh còmhla aig Farpais Littlejohn and McHue and Porter. Dealbh le Amanda Fleet.

Thug sgioba fhir UHI, fo sgiobaireachd Fhionnlaigh MhicIllinnein, buaidh iongantach, is choisinn iad Soir sanntaichte Littlejohn an dàrna bliadhna ann an sreath. Rinn sgioba nam boireannach, agus Rowan Cooper is Elaine Chamshron nan sgiobairean le chèile air, euchd air leth cuideachd, is iad a’ toirt buaidh anns na h-ìrean buidhne agus san iar-chuairt dheireannaich mus do chaill iad air èiginn le peanasan sa chuairt dheireannaich is iad a’ toirt leotha a’ bhuinn airgid. Fhuair an dà sgioba taic bho chluicheadairean air iasad bho Oilthigh Shruighlea a thàinig a-steach gus àiteachan falamh a lìonadh.

Bidh a’ cho-fharpais iomaine chliùiteach seo do dh’oileanaich air a cumail gach bliadhna le Oilthigh Chill Rìmhinn, agus Soir Littlejohn mar shamhla air an traidisean seo bho 1905. Agus e air aithneachadh mar an dàrna duais spòrs as luachmhoire ann an Alba, às deidh Cuach na h-Alba, tha e fìor chudromach a thaobh eachdraidh agus cultar an spòrs.

Chluich Amanda Fleet, Co-òrdanaiche Leasachadh Spòrs HISA, pàirt chudromach anns na choilean iad. Chuir i an cèill cho taingeil is a bha i, is thuirt i fhèin:

“Tha an fharpais a’ toirt deagh chothrom do UHI agus HISA tàlant air leth ar cluicheadairean iomaine a thaisbeanadh agus ainm a dhèanamh dhuinn fhìn san spòrs. Is e euchd iongantach a th’ ann na boireannaich am bonn airgid a chosnadh agus na fir an Soir a bhuannachadh airson dàrna bliadhna.

“Tha sinn cho taingeil airson taic leantainneach KPL, a leig leinn dà sgioba a chur a-steach do Cho-fharpais Littlejohn and McHue and Porter airson dàrna bliadhna. Cha bhiodh mìr dheth seo comasach às aonais an taice-san.   

“Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt don iomadh club iomaine air feadh na h-Alba agus do Chomann na Camanachd airson an cuideachadh ann a bhith a’ trusadh chluicheadairean, agus do dh’oilthigh Shruighlea airson cluicheadairean a thoirt dhuinn air iasad.”

Cha robh e comasach dhaibh pàirt a ghabhail san fharpais mura b’ e taic a’ chom-pàirtiche gnìomhachais Kishorn Port Earr, cluicheadair cudromach ann an earrainn lùtha na Gàidhealtachd. Mar thoradh air com-pàirteachas UHI le Kishorn Port Earr chaidh urrasachd iarraidh airson nan sgiobaidhean iomaine ann an 2024. Leis an taic uile-chudromach seo fhuaras goireasan riatanach leithid thrusganan, chamain, agus chosgaisean còmhdhail.

Chuir Alasdair Fearghasdan, Stiùiriche Kishorn Port Earr, an cèill cho dealasach is a bha e airson na co-bhanntachd:

“Tha sinn glè thoilichte taic a thoirt do sgiobaidhean iomaine UHI. Is iad a rinn an gnothach gu math, gu dearbh – is duais eile air a cosnadh aca!

“Tha planaichean àrd-amasach aig Kishorn Port a bhith a’ leudachadh anns na h-earrainnean eadar-ghluasad lùtha agus tuathanais-uisge, rud a chruthaicheas cothroman is obraichean togarrach do cheumnaichean o UHI, gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail. Tha an urrasachd seo a’ freagairt gu math ris a’ ghnothachas againn, agus tha sinn air leth toilichte taic a thoirt do dh’oileanaich UHI.

“’S e cothrom air leth a th’ ann cuideachd iomain a bhrosnachadh, spòrs aig a bheil àite sònraichte ann an cridhe mòran sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ toirt taic do na sgiobaidhean sna cùrsaichean-beatha aca ann an spòrs is gnothaichean acadaimigeach an dà chuid.”

Ann an 2023, dhealbhaich HISA Meòrachan Co-thuigse le Comann na Camanachd, buidheann-riaghlaidh an spòrs, a’ gealltainn barrachd chothroman a thoirt do dh’oileanaich UHI ann an iomain. A bhith a’ gabhail pàirt ann am Farpais Littlejohn and McHue and Porter, tha e na cheum cudromach ann a bhith ag adhartachadh a’ cho-obrachaidh seo.

Ma tha ùidh agad a bhi an sàs ann an sgioba iomain UHI, nach cuir thu fios gu Amanda Fleet.