Co-chomhairleachadh Plana Cànain
UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall Plana Cànain 2023-2028
Tha UHI TIIG air a bhith ag obair le Bòrd na Gàidhlig gus a’ chiad Phlana Cànain againn a leasachadh. Chaidh am Plana ullachadh taobh a-staigh frèam Achd na Gàidhlig 2005.
Tha sinn air obrachadh gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig gus Prìomhachasan Ro-innleachdach a’ Phlana a stèidheachadh airson fàs a thoirt air cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.
Tha na Ro-innleachdan seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur ri cothroman ionnsachadh agus cleachdadh na cànain agus a bhith a’ brosnachadh deagh ìomhaigh den Ghàidhlig.
Is e co-chomhairleachadh poblach an ath-cheum sa phròiseas, le seo bidh e comasach don phoball pàirt a ghabhail san obair a tha sinn a’ dèanamh gus inbhe na Gàidhlig àrdachadh sa cholaiste againn. Bidh an co-chomhairleachadh fosgailte fad sia seachdainean gu Dihaoine 31 Cèitean.
Tha prìomhachasan a’ Phlana a’ gabhail a-steach ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànain a bhrosnachadh, Gàidhlig a leasachadh mar so-mhaoin coimhearsnachd, cur ri cùrsaichean goirid cànain air-loidhne agus aghaigh-ri-aghaidh, agus cùrsaichean goirid Gàidhlig a chur an sàs a thaobh slàinte is tràth-bhliadhnaichean. Bithear cuideachd airson meudachadh an àireamh de dh’oileanaich a tha a’ clàradh air teisteanasan foghlam thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig.
Bhitheamaid gu mòr nur comain nan leughadh sibh an dreach Phlana Cànain agus nan lìonadh sibh an surbhaidh. Thèid cnuasachadh a dhèanamh air na beachdan agaibh, an dà chuid taobh a-staigh na colaiste agus anns na comhraidhean a bhios againn le Bòrd na Gàidhlig, ach cha tèid ainm neach sam bith fhoillseachadh.
Leughaibh ar dreach Phlàna Cànain
Faodar am Foirm Beachdachaidh a luchdadh a-nuas gu h-ìosal
Beachdaichibh air Dreach Phlana UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall 2023-2028 le bhith a’ freagairt nan ceistean anns an t-surbhaidh gu h-ìosal. Mas e is gu bheil sibh airson a bhith neo-ainmichte na cuiribh fiosrachadh sam bith a-steach fo ‘Ainm Slàn’ no ‘Seoladh Post-d’.
Thèid cnuasachadh a dhèanamh air na beachdan agaibh, an dà chuid taobh a-staigh na colaiste agus anns na comhraidhean againn le Bòrd na Gàidhlig, ach cha tèid ainm neach sam bith fhoillseachadh.
Plana Gàidhlig: Foirm Bheachdan Cho-chomhairleachaidh Gaelic Language Plan: Consultation Feedback form