Coinnich na Tosgairean Didseatach againn
Feadhainn a tha nan oileanaich is a tha a’ co-roinn sgeulachdan agus fèin-fhiosrachaidhean fìor mu bhith a’ fuireach agus ag ionnsachadh sna coimhearsnachdan dùthchail is eileanach air leth againn.
Iomadaich: Cùrsaichean Matamataig an-asgaidh do dh’Inbheach
Prògram ùr làn-mhaoinichte air a dhealbh gus na sgilean àireamhachd agad àrdachadh agus do mhisneachd a mheudachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri dùbhlain matamataigeach.

Campasan agus ionadan
Tha sinn diofraichte – colaiste agus oilthigh le mu 9000 oileanach clàraichte air feadh 19 campas agus ionad a tha a’ còmhdach raon a tha cho mòr ris a’ Chuimrigh.
Ionnsaich barrachd ann an 2024
Faigh a-mach mu UHI a Tuath, An Iar agus Innse Gall – Far a bheil Ionnsachadh a’ Ciallachadh Barrachd
Dèan sgrùdadh air còrr air 100 cùrsa a tha rim faotainn thar ar campasan is ionadan ann an Ceann a Tuath agus Siar na Gàidhealtachd, An t-Eilean Sgitheanach, agus Innse Gall a’ tòiseachadh san Fhaoilleach 2024. Ge bith a bheil thu air an sgoil fhàgail o chionn ghoirid, no airson tilleadh a dh’obair no a’ sireadh adhartas nad dhreuchd, tha an dearbh chùrsa againn dhut.
Tha an raon fharsaing de chuspairean a tha againn a’ tabhann barrachd roghainnean airson an studaigeadh, a’ gabhail a-steach cuspairean làn-ùine air campas agus ionnsachadh sùbailte air-loidhne a tha comasach dhut obrachadh mun cuairt air na dleastanasan agad.
