Bun-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE

Course code X103

What is special about this course?

Bidh an cùrsa seo gur deasachadh airson dreuchd mar neach-teagaisg bun-sgoile le sgilean agus eòlas a bheir buaidh air beatha dhaoine òga a bhios sibh a’ teagasg.

Air cùrsa PGDE (bun-sgoile), cuiridh oileanaich seachad 18 seachdainean san oilthigh agus 19 seachdainean ann an suidheachadh proifeasanta ann an sgoiltean. Tha na greisean-sgoile ann an sgoiltean air an rèiteach gu nàiseanta agus thèid ur cur gu sgoiltean a tha reusanta faisg air ur seòladh dachaigh no ur seòladh teirm.

Feumaidh sibh a bhith fileanta ann an Gàidhlig mus tòisich sibh air a’ phrògram agus thèid na sgilean cànain agaibh a mheasadh aig agallamh. Bidh eileamaidean den chùrsa air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus  cuiridh sibh seachad a’ chuid as motha de na greisean-sgoile agaibh ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG).

Tha PGDE (Bun-sgoile - Slighe Ghàidhlig) air a tabhann ann an co-bhonn ri Comhairle Earra-ghàidheil is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Pheairt agus Chinn Rois, a tha ag obair ann an co-bhonn ris an oilthigh tro na colaistean ionadail a leanas:

  • A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE
  • Earra-ghàidheil OGE
  • Inbhir Nis OGE
  • Pheairt OGE

Feumaidh seòladh dachaigh no seòladh teirm a bhith agaibh ann an sgìre an Ùghdarrais a thaghas sibh mar làrach. Gheibh ceumnaichean a’ chùrsa clàradh inntrigidh mar neach-teagaisg bun-sgoile le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba  (GTCS).

Bidh sibh ag obair ann am buidhnean beaga ionadail fhad ’s a tha sibh ag obair ann an co-bhonn ri oileanaich teagaisg agus luchd-oideachaidh air feadh lìonra cholaistean an oilthigh. Tha am prògram air a lìbhrigeadh ann an co-bhonn ri PGDE Bun-sgoile (tro mheadhan na Beurla) agus ri PGDE (àrd-sgoile) airson sealladh nas fharsainge de theagasg a thoirt dhuibh.

Tha cùrsa còmhnaidh inntrigidh air a chumail aig fìor thoiseach a’ chùrsa le fear eile sa Mhàrt a bhios ag amas gu h-àraid air ionnsachadh a-muigh.  Bidh gach buidheann ionadail cuideachd a’ cur air dòigh taisbeanadh sònraichte aig deireadh a’ chùrsa mar phàirt de leasachaidhean ceannais.

Special features

  • Cothrom a bhith a’ leantainn prògram foghlam bun-sgoile do thidsearan air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean
  • Bheir an cùrsa cothrom dhuibh a bhith nur proifeasantach breithneachail a bhios a’ toirt taic do dh’ionnsachadh aig an ìre a b’ àirde don chloinn a bhios sibh a’ teagasg
  • Bheir an cùrsa cothrom dhuibh suas ri 40 creideas fhaighinn aig ìre mhaighstireachd tro ghnìomhan/rannsachadh aig SCQF ìre 11

Entry requirements

 

Leughaibh an duilleag FAQs airson barrachd fiosrachaidh mun phrògram.

 

  • Bu chòir ceum aig ìre fo-cheum a bhith agaibh. B’ fheàrr leinn ceum le urram aig 2:2 no na b’ àirde bhon a tha an teagasg air a’ phrògram aig ìre urram no ìre mhaighstireachd
  • Thèid sùil a thoirt air iarrtasan bho thagraichean aig nach eil ceum le urram ma thèid aca air dearbhadh gu bheil an comas aca a bhith ag obair aig an ìre acadaimigich seo. Feumaidh tagraichean lethbhreac den cheum aca a shealltainn mar dhearbhadh air comas a bhith ag obair aig ìre ceum le urram no ìre mhaighstireachd

A bharrachd air seo, feumaidh na leanas a bhith aig tagraichean:

Beurla:

  • Àrd-ìre (C no nas àirde), NO
  • Ìre A (D no nas àirde), NO
  • GCSE Cànan na Beurla (C/4 no nas àirde) agus Litreachas na Beurla (C/4 no nas àirde) no a leithid

Matamataig no Aplaiceadan Matamataig

  • Ìre Nàiseanta 5 (C no nas àirde), NO
  • SQA Eadar-mheadhan 2 (C no nas àirde) no An Ìre Choitcheann (Sàr Ìre) NO
  • GCSE Matamataig (C/4 no nas àirde) no a leithid

Tha sinn ag aithneachadh, leis mar a tha cùisean an-dràsta, gum bi e doirbh dhuibh obair no obair shaor-thoileach fhaighinn còmhla ri clann aig ìre bun-sgoile. Bu chòir dhan fhiosrachadh phearsanta agaibh agus ur teisteanas a bhith a’ mìneachadh gu soilleir mar a tha  sibh air ullachadh a dhèanamh agus carson a tha sibh air tagradh a dhèanamh airson teagasg bun-sgoile ann am foghlam Gàidhlig.

Mar as trice thèid tachartasan taghaidh a chumail cha mhòr aig deireadh a’ Ghearrain no tràth sa Mhàrt.

Nota:

  • Feumaidh tagraichean soirbheachail a bhith deònach a dhol tro phròiseas PVG Disclosure agus a bhith nam ball de Sgeama PVG airson an cùrsa seo a dhèanamh
  • Chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

Feumaidh tagraidhean airson PGDE ann an Teagasg Bun-sgoile a dhol a-steach tro UCAS san aon dòigh ri prògraman fo-cheuma. Cha bu chòir dhaibh a bhith air an dèanamh tro Trèanadh Luchd-teagaisg UCAS. Tha seo fìor do gach oilthigh/colaiste ann an Alba a tha a’ tabhann PGDE. Feumaidh sibh fiosrachadh a thoirt seachad mun cheum agus mu theisteanasan ann am Beurla agus Matamataig an cois an tagraidh. Mura dèan sibh seo, cha tèid againn air sùil a thoirt air an tagradh. Feumaidh teisteanasan a bhith a-staigh ro cheann-latha thagraidhean. Tha e mar dhleastanas aig an tagraiche a bhith cinnteach gu bheil luchd-teisteanais mothachail air a’ cheann-latha seo agus gu bheil an tagradh agus an teisteanas againn ron cheann-latha a chaidh a chur romhaibh.

Cuir a-steach airson Bun-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.