Leasachadh Coimhearsnachd (SCQF level 9) Duais LDL
Course code Q535
What is special about this course?
Chaidh an cùrsa Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Coimhearsnachd a dhealbh gus coinneachadh ris na feumalachdan trèanaidh agus leasachaidh aig buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach a tha ag obair ann an coimhearsnachdan gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus ath-bheòthachadh.
Bheir thu sùil air leasachadh coimhearsnachd airson a h-uile suidheachadh, dùthchail is bailteil, air a bheil leasachadh na Gàidhlig a’ toirt buaidh. Leasachaidh tu sgìlean gus leasachadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd a dhealbhachadh, a’ toirt còmhla eòlas teòiridheach le ceumannan practaigeach ann an ath-bheothachadh choimhearsnachdan agus cànain.
Special features
- Bheir an cùrsa seo cothrom dhut gus buannachd fhaighinn bhon teagasg, ionnsachadh agus rannsachadh den ìre as àirde ann an leasachadh cànain agus coimhearsnachd, le sùil gheur air Gàidhlig na h-Alba; a’ cur ris na sgilean dreuchdail agus proifeiseanta agad
- Leanaidh tu cùrsa de fhèin-oide le taic bho chlasaichean fòn agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne.
- Bidh susbaint na cùrsa gu h-àraid feumail do dh’oifigearan leasachadh Gàidhlig, oifigearan planadh cànain, luchd co-òrdanachaidh coimhearsnachd agus leasachaidh, agus luchd proifeiseanta foghlam na Gàidhlig.
Entry requirements
- 3 teisteanasan Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde
- Beachdaichear aig tagraidhean bho daoine le teisteanasan agus/no eòlas obrach iomchaidh cuideachd.
- Gheibh tagraichean agallamh air-loidhne agus bidh aca ri eisimpleir den sgrìobhadh aca a chur a-steach.
Duais LDL
- A' leasachadh choimhearsnachdan Gàidhlig: sgilean practaigeach
- Saoghal na Gàidhlig 2
How will I study my course?
- Pàirt-ùine (le structar)
- Pàirt-ùine (gun structar)
- Leanaidh tu cùrsa de dh’fhèin-oide le taic bho chlasaichean agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne.
How long will my course last?
- Nì thu modal thairis air semeastar mar as àbhaist, le dà chlas air-loidhne gach seachdain.
Where can I study my course?
- A Tuath, an Iar is Innse Gall
- Sabhal Mòr Ostaig
Start date
- An t-Sultain
- Am Faoilleach
Fees
Airson fiosrachadh mu chosgaisean a’ chùrsa seo, cuir fios chun a colaiste far a bheil thu airson a bhith ag ionnsachadh.
Funding
Dh'fhaodar gum bi sgoilearachdan no taic airgid a bhith ri fhaotainn. Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.
What can I do on completion of my course?
Cuiridh an duais LDL seo ris na cothroman dreuchdail a bhios agad ann an caochladh roinnean leithid ann an buidhnean leasachaidh coimhearsnachd agus buidhnean poblach.
Can I progress into further study?
Faodaidh gum bi e comasach dhut adhartas a dhèanamh ri duaisean no ceumannan a bharrachd taobh a-staigh sgeama na Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte no duaisean eile aig an oilthigh.
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.