Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE
Course code Q506
What is special about this course?
Tha an Dioplòma Foghlam Àrd-ìre ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte na chùrsa mhath airson adhartas gu ar prògraman ceuma Gàidhlig:
Gabhaidh tu modalan bho na prògraman ceuma Gàidhlig agus thig do chomas sa Ghàidhlig air adhart, a' toirt cothrom dhut fàgail le Dioplòma Àrd-ìre no a dhol air adhart gu tuilleadh ionnsachaidh tro sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.
Gheibh thu taic is stiùireadh bho sgioba a' chùrsa airson dèanamh cinnteach gum bi na modalan a thaghas tu freagarrach airson adhartas chun na h-ath ìre ma 's e sin a bhios tu ag iarraidh.
Special features
- Bogadh ann an Gàidhlig
- Slighe gu Prògraman Ceuma Gàidhlig
- Clasaichean Aghaidh-ri-Aghaidh aig làraich bhreagha sna h-eileananan
- Cothroman sùbailteach eile airson lìbhrigeadh air-loidhne
- Ionnsaich bho oidean a tha nan eòlaichean nan cuspairean
Entry requirements
- 3 Àrd-ìrean Albannach aig BBC no nas àirde; bhiodh e na bhuannachd nam biodh Gàidhlig Àrd-ìre (fileantaich) no Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) aig B nam measg NO
- 2 A level aig BC no nas àirde
- Thèid beachdachadh air iarrtasan bho thagraichean, le uidheamachd no eòlas eile, fa-leth
- Bidh agallamh agad airson do sgilean Gàidhlig a mheasadh a thaobh àite fhaighinn air a' chùrsa iomchaidh sa chiad bhliadhna
- Seo cùrsa Category 2 PVG far a bheil PVG a dhìth airson modal sònraichte, ma tha seo a' gabhail a-steach obair le buidhnean so-leònte, ach tha e comasach am modal a choileanadh às aonais seo. Thoir sùil air an duilleag-lìn PVG againn airson tuileadh fiosrachaidh
- Chan eil an cùrsa seo a' gabhail iarrtasan airson inntrigeadh aig àm eile, nas fhaide air adhart; ma tha thu ag iarraidh gabhail bliadhna a-mach, faodaidh tu iarrtas a chur a-steach an ath bhliadhna
Year 1 - CertHE
S e bliadhna chànain a th' anns a' chiad bhliadhna agus, a rèir do chomasan cànain, faodaidh tu dèanamh:
- CertHE An Cùrsa Comais (airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig)
- CertHE An Cùrsa Adhartais (luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig: pàirt-ùine air astar)
- CertHE Gàidhlig agus Conaltradh (fileanta sa Ghàidhlig)
Gheibh thu cothrom greis gnìomhachais, ann an àrainneachd Ghàidhlig, a dhèanamh ma tha thu air a' Chùrsa Chomais no Gàidhlig agus Conaltradh.
Year 2 - DipHE
Tha na cuspairean a' gabhail a-steach:
- Ainm-eòlas na h-Alba
- An Sgeulachd Ghoirid
- Bàrdachd bho 1900
- Beul-aithris
- Cànan, Cultar is Cinnidheachd
- Gàidhlig 2
How will I study my course?
- Làn-uine
- Pàirt-uine (le structar)
- Pàirt-ùine (gun structar)
- Ionnsaichidh tu tro chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh no chlasaichean air-loidhne agus an àrainneachd ionnsachaidh air-loidhne (Brightspace)
How long will my course last?
- Làn-ùine: 2 bhliadhna @ 40 uair gach seachdain
- Pàirt-ùine (le structar): 4 bliadhna @ 20 uair gach seachdain
- Pàirt-ùine (gun structar): suas ri 5 bliadhna
Tha an àireamh de dh'uairean san t-seachdain a' ciallachadh na h-uairean iomlan a bu chòir dhut a chur seachad air a' chùrsa, a' gabhail a-steach ùine ann an òraidean agus ionnsachadh is rannsachadh air do cheann fhèin.
Where can I study my course?
- A Tuath, an Iar is Innse Gall
- Sabhal Mòr Ostaig
Start date
- An t-Sultain
- Am Faoilleach
Fees
Cìsean
Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach ann an Alba, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:
Tha seo a’ gabhail a-steach
- Nàiseantaich an AE le inbhe shuidhichte no ro-shuidhichte san RA,
- Nàiseantaich EEA/Eilbheiseach le inbhe shuidhichte san RA
- Nàiseantaich an EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte a tha ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
2023-24 | 2024-25 | |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna | £1,285 | £1,285 |
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 3 x 20 creideas) gach bliadhna | £645 | £645 |
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) | £215 | £215 |
Oileanaich eile na RA
Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ gabhail a-steach Eileanan a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh rè teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:
2023-24 | 2024-25 | |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna | £7,110 | £7,110 |
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 3 x 20 creideas) gach bliadhna | £3,555 | £3,555 |
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) | £1,185 | £1,185 |
Tha cìsean rim pàigheadh ro làimh gach bliadhna acadaimigeach mura h-aontaichear a chaochladh.
Tha grunn froghainnean maoineachaidh rim faighinn le oileanaich na RA gus do chuideachadh le bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus do chosgais bith-beò fhad ‘s a tha thu ag ionnsachadh.
Oileanaich eadar-nàiseanta
Airson oileanaich nach àbhaist a bhith a’ fuireach san RA, a’ gabhail a-steach nàiseanaich an EU/EEA agus Eilbheis gun inbhe stèidhichte no ro-shuidhichte san RA, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:
Tha seo a’ toirt a-steach nàiseantaich EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte nach eil ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
2023-24 | 2024-25 | |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna | £7,980 | £8,775 |
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) | £1,330 | 1,463 |
Chan eil sgrùdadh pàirt-ùine fosgailte do dh’ oileanach eadar-nàiseanta a dh’ fheumas taic-airgid bhìosa Slighe Oileanach airson ionnsachadh san RA.
Funding
Tha diofar sgoilearachdan, bhursaraidhean is thahbrtasan aig UHI rim a tha fosgailte gu oileanaich ùra is oileanaich eile. Thoir sùil air A-Z maoin airgid no criathraich airson faicinn de na maoin as iomchaidh dhut fhèin.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air maoineachadh airson do chuid ionnsachaidh; thoir sùil air a cheangal an cois seo no cuir fios chun na colaiste.
What can I do on completion of my course?
An uair a tha thu air crìoch a chur air a' chùrsa gu soirhbeachail dh'fhaodadh tu smaoineachadh air dreuchdan anns na raointean a leanas:
- Teagasg
- Ceòl
- Na Meadhanan Gàidhlig
- Leasachadh na Gàidhlig
Can I progress into further study?
Dh'fhaodadh tu gluasad air adhart bhon DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte gu:
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.
We are delighted that you are thinking about studying at the University of the Highlands and Islands. We operate a fair and open admissions system committed to equality of opportunity and non-discrimination. We consider all applications on merit and on the basis of ability to achieve, without discrimination on grounds of gender, age, disability, ethnicity and socio-economic background. We welcome applications from all prospective students and aim to provide appropriate and efficient services to students with disabilities.